{"collection":"Northern European Mythology","html_url":"https://unchartedknowledge.5gfusion.net/browse/neu/celt/cdm/cdm16.htm","path":"neu/celt/cdm/cdm16.htm","source_url":"https://sacred-texts.com/neu/celt/cdm/cdm16.htm","text":"The Celtic Dragon Myth, by J.F. Campbell, [1911]\nBha duine bochd ann roimhe so agus bha tr\u00ec gillean aige. Smaointich iad gum 2 f\u00e0gadh iad an athair agus gum falbhadh iad a dh\u2019iarraidh an fhortain. Dh\u2019fhalbh an tri\u00f9ir comhla air an aon rathad mh\u00f3r. Bha iad a\u2019 falbh gos an d\u2019thainig iad gu rathad m\u00f3r a bha sgaoileadh \u2019na thr\u00ec miaran. Thuirt iad ri cheile an uair a chunnaic iad na tr\u00ec rathaidean m\u00f3ra gon gabhadh gach fear aca rathad rathad m\u00f3r air leth.\nGhabh am fear a bu 3 shine an rathad a bha dol an ear, \u2019s ghabh am fear miadhonach an rathad a bha dol an iar, agus ghabh am fear \u00f2g an rathad miadhon. Air dha\u2019n fhear a b\u2019\u00f2ige \u2019bhith treis air falbh choinnich leomhann is calman is radan e, \u2019s iad a\u2019 sabaid. Thuirt an leomhann, \"De, \u2019ghille, am beachd a th\u2019agad orm fh\u00ecn a bhith \u2019na leithid so do dh\u2019\u00e0ite?\" \"Mata,\" ars\u2019 esan, \"chan eil beachd agam ach nach ann an sin a bu ch\u00f2ir d\u2019 ur leithid a bhith, ach feadh bhruach aibhnichean.\"\n[paragraph continues] Chord so ris an leomhann agus thuirt e ris, \"Na bi ann an c\u00e0s a choidhch nach cuimhnich thu ormsa.\" Thuirt an radan ris: \"De\u2019m beachd a th\u2019agad orm-sa \u2019bhith \u2019na leithid so do dh\u2019\u00e0ite?\" \"Chan eil beachd agam fh\u00ecn,\" ars\u2019 esan, \"ach gor h-ann a bu choir duit a bhith a\u2019 cruinneachadh c\u00f2s 1 an los e \u2019bhith agad a\u2019 feitheamh air a\u2019 gheamhradh.\" Ch\u00f2rd so ris an radan agus thuirt e ris, \"Na bi ann an c\u00e0s a choidhch nach cuimhnich thu orm-sa.\"\nDh\u2019fhoighneac an calman deth: \"De \u2019bharail a th\u2019agad orm fh\u00ecn a bhith anns an \u00e0ite so?\" \"\u2019S e a bharail a th\u2019agam fh\u00ecn gor h-ann a bu ch\u00f2ir duit a bhith feadh gheugan is bhruthaichean is chreag,\" ars\u2019 esan. Ch\u00f2rd so ris a\u2019 chalman \u2019s thuirt e ris: \"Na bi ann an c\u00e0s a choidhch nach cuimhnich thu orm-sa.\"\nDh\u2019fhalbh e, \u2019s bha e a\u2019 falbh gun 2 tamh gun fhois gu 3 bial na h-oidhche; \u2019s am bial na h-oidhche choinnich caisteal m\u00f3r ris. Chaidh e stigh do\u2019n chaisteal. Cha robh duin\u2019 a stigh \u2019sa chidsin an sin ach aona ch\u00f2caire\u2014seana ch\u00f2caire m\u00f3r\u2014agus \u2019s e\u2019n c\u00f2caire m\u00f3r a\u2019 theireadh iad ris.\nRinn e fasdadh; agus \u2019s e\u2019n obair a fhuair e bhith c\u00f2caireachd fo\u2019n ch\u00f2caire mh\u00f3r; agus s e\u2019n c\u00f2caire beag a theireadh iad ris. Bha e d\u00e0 oidhch\u2019 anns an tigh \u2019s cha robh e \u2019faicinn bean idir. Dh\u2019fhoighneac e ca\u2019n robh h-uile bean a bha san tigh ud, an robh bean idir ann. \"Chan eil ann ach nighean an righ, s chan e h-uile h-aon a gheibh\nthun a leapa,\" ars\u2019 an c\u00f2caire m\u00f3r. Dh\u2019fhoighneac e co\u2019n \u00e0ird de\u2019n tigh an robh an seombar \u2019s an robh i a\u2019 cadal. \"Anns an \u00e0irde tuath,\" ars an c\u00f2caire.\nSmaointich e air a chalman, \u2019s chaidh e \u2019na chalman \u2019s ghrad leum e gu mullach an t-simlear. An uair a r\u00e0inig e mullach an t-similear smaointich e air an radan \u2019s chaidh e \u2019na radan \u2019s ghrad leum e s\u00ecos gu bonn an \u00e0ite-theine. Smaointich e\u2019n sin air a bhith \u2019na dhuine \u2019s chaidh e \u2019na dhuine \u2019s dh\u2019- fhalbh e thun leaba nighean an r\u00ecgh.\nTh\u00f2isich e air cleasachd rithe, \u2019s air an fh\u00e0inne bh\u2019 air a l\u00e0imh a thoirt di. Lig\u2019 is\u2019 eubh. Th\u00e0inig a h-athair a nuas s bha esan \u2019na radan fo\u2019n leaba. Th\u00f2isich a h-athair ri coinneamh a thoirt di airson a bhith \u2019g eubhach \u2019s gun duin\u2019 anns an rum \u2019san robh i.\nCha bu luaithe dh\u2019fhalbh a h-athair na chaidh esan \u2019na dhuin\u2019 a rithisd, \u2019s a chaidh e chleasachd ris an fh\u00e0inne gus an d\u2019thug e dhi e.\nAn uair a thug e dhi am f\u00e0inne smaointich e air an radan \u2019s chaidh e \u2019na radan a suas gu barr an t-simlear. An uair a r\u00e0inig e b\u00e0rr an t-simlear smaointich e air a chalman \u2019s chaidh e \u2019na chalman. Ghe\u00e0rr e ite, \u2019s chaidh e far an robh an c\u00f2caire m\u00f3r \u2019sa chidsin.\nDe bha ach bl\u00e0r m\u00f3r ri bhith an la\u2019r na mh\u00e0ireach aig an righ ri righ cumhachdach eile. Nam biodh am bl\u00e0r air a chur air an righ chailleadh e\u2019n r\u00ecgheachd agus a nighean. Duine sam bith a\nchuideachadh leis gus am bl\u00e0r a chur leis gheibheadh e a nighean ri \u2019ph\u00f2sadh.\nAn la\u2019r na mh\u00e0ireach chruinnich a h-uile duine \u2019s an r\u00ecgheachd a chur a chath leis an righ. Thug an c\u00f2caire beag an c\u00f2caire m\u00f3r leis comhla ris.\nAn uair a bha\u2019n righ treis a\u2019 cur a bhl\u00e0ir de rinn e ach a chuimhneachadh gun d\u2019fh\u00e0g e\u2019n deise chruadhach a b\u2019fhearr a bh\u2019 aige crochte ri taobh na leapa.\nDh\u2019 iarr e fear sam bith a bu luaithe a bheireadh \u2019a ionnsuidh an deise, e a\u2019 toirt \u2019a ionnsuidh chionn gun robh e smaointeachadh nam biodh i aige gun rachadh am bl\u00e0r leis.\nDe \u2019rinn na gillean ach falbh \u2019s a h-uile h-aon riamh dhiubh ruisgte gun traoidht 1 umpa. Dh\u2019fhalbh an c\u00f2caire beag \u2019na chalman \u2019s r\u00e0inig e\u2019n tigh rompa \u2019s dh\u2019innis e do nighean an r\u00ecgh mar a bha \u2019m bl\u00e0r a\u2019 dol. Thug e leis an deise chruadhach. An uair a bha \u00e0dsan 2 gos a bhith dhachaidh, de bha esan ach an deise chruadhach leis.\nThug e\u2019n deise chruadhach thun an righ; agus de bha\u2019m bl\u00e0r ach a\u2019 dol air an r\u00ecgh an uair sin. Smaointich e air an le\u00f2mhann \u2019s chaidh e \u2019na le\u00f2mhann; \u2019s de a rinn e ach a h-uile gin de naimhdean an r\u00ecgh a thilleadh; \u2019s reub is sm\u00f9id is mharbh e a h-uile h-aon diubh \u2019s chuir e\u2019m bl\u00e0r leis an r\u00ecgh.\nAn uair a chaidh am bl\u00e0r leis an righ de \u2019bha ach an c\u00f2caire m\u00f3r a\u2019 r\u00e0dh gur 1 h-e fh\u00ecn 2 a chuir am bl\u00e0r. De bha\u2019n oidhche sin ach reite gu bhith aig nighean an righ \u2019s aig a ch\u00f2caire mh\u00f3r. Chruinnich a h-uile duine \u2019s an r\u00ecgheachd 3 thun na reite.\nMu\u2019n do th\u00f2isich an reite de dh\u2019 iarr an righ orr\u2019 ach dol a dhianamh 4 chleasan.\n\"Gad a theannainn fh\u00ecn ri dol a dhianamh chleasan chan eil fhios \u2019am 5 nach gabhadh sibh eagal,\" ars an c\u00f2caire beag.\nBha l\u00e0n an tighe stighe de mhnathan uaisle \u2019s de dhaoin uaisle aig an reite.\nDh\u2019fhalbh e\u2019n uair sin agus de a smaointich e ach a bhith \u2019na radan, \u2019s chaidh e \u2019na radan. \u2026 Smaointich e sin air a bhith \u2019na chalman \u2019s chaidh e \u2019na chalman; is th\u00f2isich e le bun a sgeith ris an t-solusd \u2019s ri bhith cur as an t-soluisd. Th\u00f2isich na mnathan uaisle ri ceol \u2019s ri sp\u00f2rs a ghabhail daibh fh\u00ecn 6 an uair a chunnaic iad duin\u2019 a\u2019 dol \u2019na chalman \u2019s \u2019na radan. Chaidh esan an sin \u2019na le\u00f2mhann feadh an tighe, a\u2019 fosgladh a bhial airson a h-uile duin\u2019 itheadh; \u2019s ma bha sp\u00f2rs is ce\u00f2l aig na mnathan uaisle roimhid bha iad a nis air an oillteachadh a\u2019 teicheadh anns na c\u00f9illtean; \u2019s cha b\u2019e \u2019n c\u00f2caire m\u00f3r a bu lugha ghabh do dh\u2019oillt.\n\"Is fhior sin, \u2019s cha bhr\u00ecagan,\" ars \u2019an r\u00ecgh;\n[paragraph continues] \"is tus\u2019, a ghille mhath, a chuir am bl\u00e0r leom-sa, \u2019s chan e \u2019m fear a tha \u2019dol a dh\u2019fhaotainn mo nighinn r\u2019a p\u00f2sadh.\"\nGhabh an c\u00f2caire m\u00f3r a mach as an t-seombar leis an n\u00e0ire, \u2019s a h-uile duin\u2019 a\u2019 fochaid air; is ph\u00f2s an c\u00f2caire beag agus nighean an r\u00ecgh.\n149:1 From Margaret Mackinnon, Berneray, who learnt it from John Morrison, Rusgary, Berneray, now a tenant in North Uist. August, 1859.\n149:2 eud gom. The pronoun 3rd pl. is eud, ead throughout.\n149:3 MS. bo.\n150:1 Porous material for fire.\n150:2 gon.\n150:3 go.\n152:1 Probably a corruption of \"thread,\" says Hector Maclean. Other variants are, tr\u00ecd, trait, tr\u00f2idht.\n152:2 For iad-san.\n153:1 gor.\n153:2 Dialectal.\n153:3 MS. r\u00ecghreachd.\n153:4 MS. has dhianadh.\n153:5 Short for agam.\n153:6 Dialectal.","title":"The Celtic Dragon Myth: Gaelic: Na Tr\u00ec Rathaidean M\u00f3ra (The Three Ways) [Gaelic]","type":"page"}
