{"collection":"Northern European Mythology","html_url":"https://unchartedknowledge.5gfusion.net/browse/neu/celt/cdm/cdm17.htm","path":"neu/celt/cdm/cdm17.htm","source_url":"https://sacred-texts.com/neu/celt/cdm/cdm17.htm","text":"The Celtic Dragon Myth, by J.F. Campbell, [1911]\nBha iasgair ann roimhid de sheann duine \u2019s bhiodh e a\u2019 falbh a dh\u2019iasgach daonnan. Latha dhe na l\u00e0ithean chaidh e dh\u2019iasgach, \u2019s cha robh e a\u2019 faighinn dearg. Am bial na h-oidhche de thachair ris ach iasg. Tharruinn e e, \u2019s chuir e a l\u00e0mh a mach a bhreith air. \"An ann a brath mis\u2019 a thoirt leat a tha thu?\" ars an t-iasg. \"Mat\u00e0 \u2019s ann, \u2019s math leam gon d\u2019fhuair mi thu,\" ars 2 an t-iasgair. \"Chan e sin is fhe\u00e0rra dhuit,\" ars an t-iasg, \"ach lig mis\u2019 air m\u2019ais \u2019s theid thu g\u2019a leithid so de dh\u2019\u00e0ite \u2019m\u00e0ireach \u2019s gheibh thu go le\u00f2ir de dh\u2019iasg,\" ars an t-iasg. Lig e air ais e. Chaidh e dhachaidh. \"An d\u2019fhuair thu dearg idir?\" ars a\u2019 bhean ris nur a chaidh e dhachaidh. \"Cha d\u2019fhuair,\" ars\u2019 esan, \"gheibh mi gu le\u00f2ir am m\u00e0ireach.\"\n\"Nach bochd a th\u00e0inig thu falamh an nochd,\" ars ise.\n\"Chan eil comas againn air,\" ars\u2019 esan.\nAn la\u2019r na mh\u00e0ireach dh\u2019fhalbh e. Thug e fad an latha a\u2019 fiachainn am faigheadh e iasg, \u2019s cha\nd\u2019fhuair e dearg. Am bial na h-oidhche, an am tighinn dachaidh, rib an t-iasg e. Tharruing e\u2019n t-iasg, \u2019s rug e air go \u2019thoirt leis. \"An ann a brath mo thoirt leat an nochd a tha thu?\" ars an t-iasg. \"\u2019S ann,\" ars esan. \"\u2019S math leam t\u2019fhaotainn gu d\u2019thoirt leam.\" \"Chan e sin is fhe\u00e0rra duit, ach f\u00e0g mis\u2019 an nochd fhathasd, \u2019s am m\u00e0ireach gheibh thu iasg na le\u00f2ir.\" Dh\u2019fh\u00e0g e e \u2019s chaidh e dachaidh.\n\"An d\u2019thainig thu falamh an nochd a rithisd?\" ars a\u2019 bhean. \"Th\u00e0inig,\" ars esan. \"O cha bhidh sinn be\u00f2,\" ars\u2019 ise. Chaidh e laighe \u2019s chaidil e\u2019n oidhche sin.\nAn la\u2019r na mh\u00e0ireach dh\u2019fhalbh e dh\u2019iasgach a rithisd \u2019s cha robh e a\u2019 faighinn dearg. Am bial na h-oidhche nur a bha e \u2019dol dachaidh rib an t-iasg a rithisd e. Tharruinn e e \u2019s rug e air. \"An ann a brath mo thoirt leat a nochd a tha thu?\" ars an t-iasg. \"Mat\u00e0 \u2019s ann,\" ars esan. \"Chan fh\u00e0g thu\u2019 tuillidh mi?\" \"Chan fh\u00e0g,\" ars esan. \"Chan eil duin\u2019 cloinn\u2019 agad?\" ars an t-iasg. \"Chan eil,\" ars esan. \"Nur theid thu dhachaidh leam 1-sa cha lig thu duine sam bith \u2019am sgoltadh ach thu fh\u00ecn. 2 Tha l\u00e0ir agad?\" \"Tha,\" ars am bodach. \"Cha chuir thu anns a phoit an nochd ach b\u00ecdeag de\u2019n ghr\u00f9than \u2019s b\u00ecdeag de\u2019n chridhe dhuit fh\u00ecn, s do d\u2019 bhean \u2019s do\u2019n l\u00e0ir \u2019s do\u2019n ghalla. Gheibh thu\u2019n sin tr\u00ec chn\u00e0mhan aig taobh a chinn agam-sa agus theid thu mach agus tiodhl\u2019caidh thu \u2019sa gh\u00e0radh\niad. An oidhche bhios clann aig do bhean theid thu mach agus togaidh tu cnaimh agus cinnidh craobh far am bi\u2019n cn\u00e0imh. Bidh tr\u00ec mic aig do mhnaoi agus bidh tr\u00ec craobhan an \u00e0ite nan tr\u00ec chnamhan a bhios fo shnodhach a shamhradh \u2019s a gheamhradh a h-uile latha go br\u00e0ch an eadh \u2019s a bhios do chlann be\u00f2. H-uile siubhal a bhios mac aig do mhnaoi, bidh searrach aig an l\u00e0ir agus cuilean aig a ghala.\"\nChaidh e dachaidh, \u2019s sgoilt e\u2019n t-iasg \u2019s chuir e b\u00ecdeag anns a phoite dha fh\u00ecn agus d\u2019a mhnaoi, do\u2019n l\u00e0ir agus do\u2019n ghala, de\u2019n ghr\u00f9than \u2019s de\u2019n chridhe. Chaidh e laigh is chaidil e an oidhche sin.\nAn ceann tr\u00ec r\u00e0ithean thainig saothair chloinne air a mhnaoi, \u2019s rug i leanabh mic. \"De sin, a dhuine, a tha\u2019n so?\" ars ise. \"Tha leanabh mic,\" ars esan. \"Bu 1 mhath sin nam biodh rud ann a gheibheadh e,\" ars ise. \"Tha sin ann,\" ars esan. Thug e s\u00f9il uaidh. Bha searrach aig an l\u00e0ir: bha cuilean aig a ghalla: bha craobh anns a gh\u00e0radh aig h-aon de na cnamhan.\nAn ceann tr\u00ec r\u00e0ithean bha leanabh mic aice. \"De tha\u2019n sin? a dhuin\" ars ise. \"Th\u00e0 leanabh mic,\" ars esan. \"Bu mhath sin,\" ars ise, \"nam biodh rud ann a gheibheadh e.\" \"Tha sin ann,\" ars esan. Thug e s\u00f9il uaidh \u2019s chunnaic e\u2019n darna searrach aig an l\u00e0ir \u2019s an darna c\u00f9 aig a ghalla \u2019s an darna craobh as an darna cn\u00e0imh anns a gh\u00e0radh.\nAn ceann tr\u00ec r\u00e0ithean a rithist bha ### treas\nleanabh mic aice. \"De tha\u2019n sin, a dhuine?\" ars ise. \"Tha leanabh mic,\" ars esan. \"Bu mhath sin nam biodh rud ann a gheibheadh e,\" ars ise. \"Tha sin ann,\" ars esan. Thug e s\u00f9il uaidh \u2019s chunnaic e\u2019n treas searrach aig an l\u00e0ir \u2019s an treas c\u00f9 aig a ghala \u2019s an treas craobh aig an treas cn\u00e0imh anns a gh\u00e0radh. Ghleidh am bodach na tr\u00ec chn\u00e0mhan.\nBha a\u2019 chlann a\u2019 cinntinn suas gus an robh iad a\u2019 tighinn gu cr\u00econnachd s gu gliocas. Thuirt am fear a bu shine r\u2019a athair: bidh mi fh\u00ecn a\u2019falbh a dh\u2019iarraidh an fhortain. Chan eil sin ach bochd dhomh-sa an d\u2019eis fhad \u2019s a bha mi gun 1 \u2019ur faicinn,\u201d ars esan. Ma tha thu dol gu falbh tha each agus c\u00f9 agad an so a rugadh an oidhche rugadh tu fh\u00ecn, \u2019s bheir thu leat iad,\" ars am bodach. \"Bheir thu leat strian agus thig an t-each \u2019s cuiridh e \u2019cheann \u2019san strein.\" Thug e leis an strian \u2019s chuir an t-each a cheann innte \u2019s lean an c\u00f9 e. Fhuair am bodach an cn\u00e0imh a bh\u2019aig a chraoibh a chinn an oidhch\u2019 a rugadh e. Sh\u00ecn e \u2019na laimh e \u2019s dh\u2019fh\u00e0s e \u2019na chlaidheamh chinn-\u00f2ir \u2019na dh\u00f2rn.\n\"Taing duit, a r\u00ecgh nan ceud agus nan cumhachd,\" ars\u2019 an gille, \"tha sgoil agus foghlum agus ionnsachadh agam-sa \u2019nis; ach a\u2019 chraobh ud \u2019sa gh\u00e0radh bidh i fo shnodhach \u2019s fo dhuilleach bho fhoghar gu samhradh \u2019s bho earrach gu geamhradh gus am faigh mis\u2019 am b\u00e0s \u2019s nur a gheibh mis\u2019 am b\u00e0s tuitidh an snodhach di.\"\nDh\u2019fh\u00e0g e beannachd aig athair \u2019s aig a mhathair\n[paragraph continues] \u2019s thug e gu astar. Gum bu cham gach rathad \u2019s gum bu reidh gach slighe gus an d\u2019rainig e p\u00e0ileas righ na Gr\u00e9ige. Bha e gun chuid gun airgiod gun fios a bhi aige de a dhianadh e. Cha rachadh e stigh do\u2019n ph\u00e0ileas. Ghabh e gus an tigh a b\u2019iomallaiche bha\u2019n sin uile gu leir ris an canadh iad tigh mucair. Cheangail e\u2019n t-each aig an dorusd. Ghabh e stigh. Dh\u2019fhoighnichd e\u2019m faigheadh e\nfantail an siud an nochd. Cha d\u2019thuirt bean a mhucair am faigheadh no nach faigheadh. Cha robh duine cloinne aig a mhucair. Cha robh fios aige c\u2019\u00e0it an gabhadh e. Dh\u2019fhan e far an robh e. Eadar sin agus treis dhe\u2019n oidhche tighinn thainig am mucair. Dh\u2019fhoighnichd e co bu leis an t-each a bh\u2019aig an dorusd. Thuirt an t-\u00f2ganach gum bu leis-san.\n\"A bhean, an d\u2019thug thu biadh do\u2019n choigreach?\" ars am mucair. \"Cha tug, cha d\u2019iarr e orm e,\" ars ise. \"Deasaich biadh dha.\" Th\u00f2isich i air deasachadh bidh dha. \"De\u2019n naigheachd a th\u2019agad as a\u2019 bhaile mh\u00f3r?\" ars a bhean. Na bha naigheachdan agam-sa tha fios agad fh\u00ecn orra ach chan eil fhios \u2019am am bheil fios aig a choigreach air. Chan eil de mhic no nigheanan aig righ na Greig\u2019 ach an aon nighean. Thainig brath \u2019a ionnsuidh mur am bi e am m\u00e0ireach aig a\u2019 chladach le a aon nighean \u2019a toirt air dheas l\u00e0imh do Mhaca M\u00f3r R\u00ecgh na Sorcha, gur e a\u2019 chlach is \u00e0irde clach is \u00ecsle, \u2019s a\u2019 chlach is \u00ecsle clach is \u00e0irde \u2019na chaisteal. Chruinnich e na bha \u2019na rioghachd de shluagh uile\ngu leir cuideachd, fiach am faigheadh e duine sam bith a dh\u2019fhalbhadh a ghleidheadh na nighinn, \u2019s gum faigheadh e\u2019n darna leith d\u2019 a rioghachd ri \u2019bhe\u00f2, \u2019s an rioghachd uile gu leir air a mharbh, \u2019s a nighean r\u2019a p\u00f2sadh.\nCha d\u2019fhuair e duine be\u00f2 a ghabhadh as laimh falbh leis an nighinn ach aona ch\u00f2caire claghann ruadh a bha a\u2019 gearradh fe\u00f2l\u2019 a stigh aige le sgithinn mh\u00f3ir. Cuiribh an t-suipeir air d\u00f2igh,\" ars an t-\u00f2ganach a thainig, \u2019s biodh a bhraiceas reidh tr\u00e0th, chionn tha rnis a\u2019 falbh tr\u00e0th anns a\u2019 mhaduinn, \u2019s gnothaichean agam ri urrachan m\u00f3ra. Thig mi rithisd \u2019san anmoch.\nDh\u2019fhalbh e \u2019sa\u2019 mhaduinn. Ghabh e air muin an eich \u2019s lean an cU e. Chunnaic e nighean r\u00ecgh na Gr\u00e9ige \u2019s an cocaire claghann ruadh ri a taobh; sgian mh\u00f3r aige \u2019na dh\u00f2rn an \u00e0ite claidheamh. \"Gad a thigeadh na bheil san t-Sorcha, siud mar a dhianainn-sa orra,\" theireadh an c\u00f2caire claghann ruadh, \u2019s e \u2019dinneadh na sgithinn anns a ghainmhich. Ghobh 1 e null far an robh iad \u2019s bheannaich e do nighean righ na Gr\u00e9ige \u2019s bheannaich nighean righ na Gr\u00e9ige dha. \"Obh! obh,\" ars an cocaire claghann ruadh, \"de tha\u2019n so, no de a thachair oirnn?\" \"Fiach am falaich thu mis\u2019,\" ars esan. \"De\u2019m falach a ni mis\u2019 ort?\" ars ise. Rug i air \u2019s thilg i ann an \u00e0ite dugharrach e far am faiceadh e h-uile duine \u2019s nach faiceadh duin\u2019 e. \"Nach falamh a th\u00e0inig thu\u2019n so, a nighean r\u00ecgh na Gr\u00e9ige,\"\nars an t-\u00f2ganach. \"Cha robh duine be\u00f2 anns an rioghachd a thigeadh comhla rium ach c\u00f2caire claghann ruadh a bh\u2019aig m\u2019athair.\"\n\"Suidhidh mi fhin comhla riut treis,\" ars esan. \"De\u2019s ciall-d\u00f9sgaidh dhuit ma thig an cadal ort?\" ars ise. \"Mo chuilean gaolach fh\u00ecn mo tharruinn leis an rann s mo tharruing an aghaidh an ranna.\" Ann an \u00f9ine ghoirid thuit esan na chadal. Cha b\u2019fhad a bha e \u2019na chadal nur a chunnaic is\u2019 an fhiarge a\u2019 dol dha\u2019n iar \u2019s am muir a\u2019 f\u00e0s m\u00f3r.\n\"A chuilean ghaolaich,\" ars\u2019 ise, \"d\u00f9isg do mhaighstir.\"\nDh\u2019fhalbh an cuilean agus tharruing e leis an rann e agus an aghaidh an ranna \u2019s dh\u00f9isg e e. Nur a sheall e uaidh chunnaic e \u00f2lach moidearra misgiamhach a\u2019 tighinn ann an luing. Dhianadh e sti\u00f9ir \u2019na deireadh \u2019s ball \u2019na toiseach. Gach ball a bhiodh fuasgailte gun ceangladh e, \u2019s gach ball a bhiodh ceangailte gum fuasgladh e. A\u2019 mhuc a bu mhotha ag itheadh na muice bu 1 lugha \u2019s a\u2019 mhuc a bu lugha a\u2019 dianamh 2 mar a dh\u2019fhaodadh i: faochaga croma ciar a\u2019 chladaich a sior urgadaich air a h-\u00f9rlar aig fheobhas \u2019s bha\u2019n t-\u00f2igear \u2019ga sti\u00f9radh. Ghabh e gu \u00e0it acair leatha \u2019s leag e a cuid she\u00f2ltan. Thug e\u2019n d\u00f9gh-dheireadh aice \u2019ionnsuidh an d\u00f9gh-thoisich. Thug e leum an sin\nair t\u00ecr \u2019s tharruing e air tir air tr\u00e0igh Thug e\u2019n ath leum a stigh \u2019na bro\u00ecnn \u2019s th\u00f2isich e air e fhin 3 a chur \u2019na eideadh. Ghabh mac an Iasgair\nsios \u2019s sheall e air a fad agus air a liad. Chuir e a dh\u00e0 laimh timchioll oirre \u2019s thog e i \u2019s dh\u2019fh\u00e0g e i \u2019sia fad fh\u00ecn am br\u00e0igh na tr\u00e0gha i.\n\"Co\u2019n aona bheadagan a bha\u2019n rioghachd na Gr\u00e9ige aig an robh a chridhe a leithid siud de bhallachd-buird 1 a dhianamh orm fh\u00ecn no air mo luing? Ach bheir mise air righ na Gr\u00e9ige a gheall a bhith le a nighinn \u2019a toirt domh air dheis laimh air a chladach, gur h-i a\u2019 chlach is isle clach is \u00e0irde, \u2019s a\u2019 chlach is \u00e0irde clach is isle \u2019na chaisteal, mur an cum e a ghealladh rium-sa,\" ars am fear a bha \u2019san luing. Tha e\u2019n so fhathast \u2019s cha do theich e \u2019s chan eil duine \u2019n rioghachd na Gr\u00e9ige is miosa na mise,\" arsa mac an Iasgair. Th\u00f2isich an dithisd air a cheile. Dhianadh iad bogan air a\u2019chreagan agus creagan air a\u2019 bhogan; an t-\u00e0ite bu lugha rachadh iad fodha rachadh iad fodha gu\u2019n glitinean; \u2019s an t-\u00e0ite bu mhotha rachadh iad fodha rachadh iad fodha g\u2019an s\u00f9ilean. Smaointich mac an Iasgair gum bu dona dha tuiteam anns a\u2019 chiad bhl\u00e0r \u2019s an d\u2019fhiachadh e. Thug e\u2019n togail ud air agus leag e e. \"Am b\u00e0s as do chionn! de t\u2019eirig?\" arsa mac an Iasgair. \"\u2019S m\u00f3r sin, \u2019s mi mac m\u00f3r righ na Sorcha. Ach de\u2019m b\u00e0s a tha thu brath a thoirt domh?\" ars esan. \"De\u2019m b\u00e0s a bheireadh tu fh\u00ecn domh-sa nam biodh tu an deigh mo leagail an toiseach?\" arsa mac an Iasgair. \"An ceann a thoirt as an amhuich agad,\" arsa mac m\u00f3r righ na Sorcha. \"Mat\u00e0 chan e sin a ni mis\u2019 ort-sa,\" ars\nesan, \"ach cuiridh mi ceangal an taod gu daor agus gu docair ort, agus mionnan, gach buill\u2019 a bhuaileas thu gum buail thu le righ na Gr\u00e9ige e agus gum bi thu \u2019nad ghaisgeach d\u00f9rachdach dha gu br\u00e0ch.\" Dh\u2019fhalbh e \u2019s thug e leis e suas gu b\u00e0rr a\u2019 bhruthaich, \u2019s dh\u2019fh\u00e0g e\u2019n sin e. Ghabh e air muin an eich \u2019s ghabh e dachaidh. 1\nChaidh an c\u00f2caire claghann ruadh dhachaidh le nighean an r\u00ecgh mar gum b\u2019e fh\u00ecn a dhianadh an treubhas. Chuireadh cairt agus gille a dh\u2019iarraidh mhic mh\u00f3ir righ na Sorcha. Chuireadh e fo shileadh na l\u00f2chraidh \u2019s fo r\u00f2s choinnlean. Rainig mac an Iasgair tigh a mhucair. Chuireadh biadh is deoch air a bhial-thaobh. Cha b\u2019fhad a bha e stigh nur a thainig am mucair dachaidh. Dh\u2019fhoighnic mac an Iasgair de\u2019n naigheachd a bh\u2019 aige. Thuirt e gur minic 2 a theireadh nach robh claidheamh math an droch thruaill aig a ch\u00f2caire chlaghann ruadh agus an t-euchd a rinn e. Ach tha e\u2019m m\u00e0ireach ri falbh fhathasd agus an earar, ars am mucair. \"Tubaist air na daoin-uaisle bha gnothuch agam fh\u00ecn riu \u2019s cha d\u2019fhuair mi aig an tigh iad \u2019s feumaidh mi falbh am m\u00e0ireach fhathast.\"\nChaidh e laigh an oidhche sin \u2019s chaidil e. Moch \u2019s a mhaduinn dh\u2019eirich e \u2019s an deigh a bhiadh a ghabhail chaidh e air muin an eich \u2019s dh\u2019fhalbh e. Ghabh e lom, d\u00ecreach far an robh nighean r\u00ecgh na Gr\u00e9ige: chuir e a cheann air a gl\u00f9n.\n\"De \u2019s ciall-d\u00f9sgaidh dhuit ma thuiteas thu \u2019d\nchadal?\" ars ise. \"Th\u00e0, barr na l\u00f9ghdaig\u2019 deis\u2019 a thoirt diom,\" ars esan. Ann an \u00f9ine ghoirid chaidil e. Cha robh e fada \u2019na chadal nur a chunnaic is\u2019 an soitheach a\u2019 tighinn. Thug i dheth barr na lughdaig dheis \u2019s dhuisg e.\nThainig mac miadhonach righ na Sorcha gu t\u00ecr. Choinnich mac an Iasgair e \u2019s rinn e a\u2019 cheart leithid air \u2019s a rinn e air a bhrathair an de. Chaidh e air muin an eich s ghabh e air falbh.\nChaidh an c\u00f2caire claghann ruadh dhachaidh le nighean an r\u00ecgh \u2019s co ach esan \u2019s e \u2019cumail a mach gur h-e fh\u00ecn a bha \u2019dianamh gach gniomh gaisgeil. An am an athaidh agus an anmoich ghabh mac an iasgair gu tigh a\u2019 mhucair mar a b\u2019\u00e0bhaist. Cha b\u2019fhad\u2019 a bha e stigh nur a thainig am mucair dachaidh. \"\u2019S minig 1 a theireadh nach robh claidheamh math an droch thruaill aig a ch\u00f2caire chlaghann ruadh,\" ars am mucair. \"De an t-euchd a rinn an c\u00f2caire claghann ruadh an dr\u00e0sd?\" arsa mac an Iasgair. \"Mac miadhonach righ na Sorcha a cheangal,\" ars\u2019 am mucair. \"Tha\u2019m m\u00e0ireach agam fh\u00ecn ri thoirt fhathast mar a bh\u2019agam an diu,\" arsa mac an Iasgair.\nAn la\u2019r na mh\u00e0ireach chaidh e air muin an eich \u2019s dh\u2019fhalbh e. Rainig e far an robh nighean righ na Gr\u00e9ige. Chuir e a cheann air a \"De\u2019s ciall-d\u00f9sgaidh dhuit ma chaidleas thu?\" ars ise. \"Barr na lughdaig eile a thoirt diom,\" ars esan. An \u00f9ine ghoirid thuit e \u2019na chadal. Cha b\u2019fhad a\nbha e \u2019na chadal nur a chunnaic ise soitheach a\u2019 tighinn. Thug i barr na lughdaig eile dheth \u2019s dh\u00f9isg e. Chaidh an c\u00f2caire claghann ruadh am falach leis an eagal mar a b\u2019\u00e0bhaist da. Thainig mac beag righ na Sorcha air t\u00ecr. Rinn mac an Iasgair air mar a rinn e air c\u00e0ch. Chaidh e air muin an eich s ghabh e air falbh. Chaidh an c\u00f2caire claghann ruadh dhachaidh le nighean an r\u00ecgh, s co ach esan, \u2019s mu b\u2019fhior e fh\u00ecn gur h-e rinn gach euchd. Thugadh mac beag righ na Sorcha ceangailte gu tigh an righ, s bha nis\u2019 triuir mhac righ na Sorcha ceangailte stigh fo shileadh na l\u00f2chraidh \u2019s fo r\u00f2s nan coinnlean 1; s gach cn\u00e0imh a lomadh na h-uaislean aig a chuirm ga thilgeadh orra le masladh agus le t\u00e0mailte. Anns an fheasgair rainig mac an Iasgair tigh a mhucair. Cha robh e fad a stigh nur a thainig am mucair. \"De do naigheachd an nochd?\" arsa mac an Iasgair ris a\u2019 mhucair. \"Tha sin agam naigheachd,\" ars\u2019 am mucair, \"gum bheil triuir mhac righ na Sorcha a nis ceangailte aig a ch\u00f2caire chlaghann ruadh \u2019s gum bheil e fh\u00ecn agus nighean an righ ri p\u00f2sadh am m\u00e0ireach.\" \"Nach e\u2019n gaisgeach e,\" arsa mac an Iasgair.\nBha banais eibhinn shunndach aighearach ri bhith aig nighean an righ \u2019s aig a\u2019 ch\u00f2caire ruadh. Chuireadh brath air a h- uile duine b\u2019urrainn coiseachd anns an rioghachd thun na bainnse.\n[paragraph continues] Chuireadh b rath air a mhucair \u2019s cha d\u2019fhiathaicheadh an coigreach; \u2019s cha rachadh am mucair ann o\u2019n nach robh esan a\u2019 dol ann. \"De bu choireach, a mhucair, nach deachaidh thu-sa thun na bainnse?\" 1 ars\u2019 mac an Iasgair. \"Cha rachainn-sa ann agus thu fh\u00ecn fh\u00e0gail,\" ars\u2019 am\u2019 mucair. \"\u2019S math am bord-bainnse th\u2019aig nighean righ na Gr\u00e9ige an dr\u00e0sd,\" arsa mac an Iasgair, \"b\u2019fhearr leam fh\u00ecn gun robh e againn air ar bial-thaobh. Fhalbh 2 thus, a chuilein ghaolaich, agus s\u00ecn thu fh\u00ecn agus na bi ceacharra a\u2019dol suas. Theirig a steach do sheomb\u00e0r na bainnse agus an tuthailt tha s\u00ecnte air a\u2019 bhord air bial-thaobh an r\u00ecgh agus bhean-nabainnse, thoir thugam-sa an so e.\"\nDh\u2019fhalbh an c\u00f9 agus ghabh e suas. Chaidh e stigh do\u2019n t-seombar. Rug e air an tuthailt agus chruinnich e i \u2019s thug e leis Ghabh e sios leatha gu tigh a mhucair. Sgaoil e air a bhord air am bial-thaobh i.\n\"Am bheil duine sam bith,\" ars comhairleach a bh\u2019aig an righ, \"nach eil an so fhathasd? \u2019s fhad o\u2019n a chuala mi e: \u2019s l\u00e0idir cui.lean a uchd tre\u00f2ir. Fhalbhaibh agus seallaibh am bheil am mucair a stigh, no co tha comhla ris.\"\nGhabh iad a sios \u2019s chunnaic iad a h-uile sgath de na bh\u2019air a bh\u00f2rd air bial-thaobh a\u2019 mhucair agus a\u2019 choigrich. \"Thuirt mi roimhid: \u2019s l\u00e0idir cuilean a uchd tre\u00f2ir. \u2019S minic (i.e. mairg) a dhianadh a leithid siud de bhanais do\u2019n ch\u00f2caire chlaghann\nruadh, \u2019s nach creid mi gur h-e a cheangail na gaisgich,\" arsa \u2019n comhairleach nur a thill an fheadhainn a chaidh sios \u2019s a dh\u2019innis iad mar a bha. \"Falbhadh a\u2019 bheag-bhuidheann ghaisgeach s\u00ecos is thugadh iad a nios am ionnsuidh-sa ceangailt\u2019 e,\" ars an righ.\n\"Ghabh a bhuidheann s\u00ecos. Co dh\u2019iarr oirbh-se na bh\u2019air b\u00f2rd an righ thoirt leibh?\" arsa na chaidh a sios ris a mhucair agus ri mac an Iasgair. \"Cha d\u2019thug sinne leinn riamh e, \u2019s cha do chairich sinn as a so fhathast,\" arsa mac an Iasgair. \"Mur an d\u2019thug thusa leat e thug do ch\u00f9 leis e agus tha do ch\u00f9 m\u00ecomhail,\" ars\u2019 \u00e0d-san. \"Na bithibh a\u2019 bruidhinn ris ach beiribh air, \u2019s thugaibh leibh ceangailte e, mar a dh\u2019iarradh oirnn,\" arsa fear de\u2019n bhuidheann.\"\n\"Eirich 1 thu-sa, \u2019chuilean, agus tarruinn iad leis an rann, agus tarruinn iad an aghaidh an ranna anns an l\u00f9b ud a muigh,\" arsa mac an Iasgair.\nRug an cuilean orra agus tharruing e iad an aghaidh an ranna agus leis an rann anns an l\u00f9ba. Dh\u2019fhalbh iad suas \u2019nan conablaich mar sin dh\u2019ionnsuidh an righ.\n\"Nach d\u2019thuirt mi roimhid gum bu l\u00e0idir cuilean a uchd tre\u00f2ir,\" ars an comhairleach. \"Fhalbh thus,\" ars an righ r\u2019a ghille agus cuir an \u00f2rdugh an coach agus gun rachamaid a dh\u2019iarraidh a\u2019 choigrich.\" Chuir an gille an \u00f2rdugh an coach agus chaidh an righ agus a nighean a dh\u2019iarraidh a\u2019\nchoigrich. Chan fhalbhadh e leo gun am mucair a bhith leis. Chaidh e fhin s am mucair an sin a stigh \u2019sa choach leis an righ agus le a nighean agus dh\u2019fhalbh iad gu tigh an righ. Chaidh iad a stigh do sheombar na bainnse agus shuidh iad. \"Tha rud a dh\u00ecth a nis orm-s,\" ars\u2019 nighean an r\u00ecgh, \"agus suidhibh socair samhach timchioll an tseombair\" \u2019s r\u00e0inig i esan. \"Cuir a mach do lamh,\" ars\u2019 ise. \"Tha mo lamh goirt,\" ars esan. Thug i spadhadh air a laimh \u2019s tharruinn i mach Chuir i\u2019n sin a lamh \u2019na p\u00f2ca, \u2019s thug i barr na lughdaig deis\u2019 aig as \u2019s chuir i siud air a lughdaig.\n\"\u2019S fior sin,\" ars ise, \"\u2019s tu-sa rinn an t-euchd. Cha bhi dh\u2019fhear p\u00f2sda no d\u00ecolain agam-sa gu brach ach thu-sa; \u2019s cuiribh air a h-aghaidh a bhanais.\"\nDh\u2019eirich esan \u2019s chaidh e sios \u2019s dh\u2019fhuasgail e tri\u00f9ir chloinne righ na Sorcha. Thugadh dachaidh pears\u2019 eaglais is ph\u00f2s iad. Chaidh iad a laighe is chaidil iad an oidhche sin. An l\u00e0\u2019r na mh\u00e0ireach thug e s\u00f9il uaidh a null a mach air an uinneig \u2019s chunnaic e caisteal dubh thall mu a choinneamh. Dh\u2019fhoighnie e de \u2019n caisteal a bha\u2019n siud. Thuirt ise ris nach robh ach caisteal a bh\u2019aig an droch chreutair. Dh\u2019eirich 1 e \u2019s ghabh e mach. Thug e leis \u2019each agus a ch\u00f9 \u2019s ghabh e null \u2019ionnsuidh a chaisteil. Chaidh e stigh \u2019s chunnaic e boirionnach an sin \u2019s i a\u2019 cireadh a cinn.\n\"Co as a th\u00e0inig thu, a mhic athar mo ghaoil\nagus mathar mo ghr\u00e0idh? Thig a nios \u2019s gun innseadh tu naigheachd domh \u2019s gun innsinn-sa naigheachd duit.\" Ghabh e s\u00ecos far an robh i. Rug i air an t-slachdan dhraoidheachd \u2019s rinn i carragh-creige dheth. Rinn i leithid eile air a ch\u00f9 agus air an each. Sheall am bodach am mach \u2019s bha a\u2019 chraobh an deigh an duilleach a chall. \"\u2019S f\u00ecor sin,\" ars\u2019 esan, \"tha mise gun mhac an diu.\" \"Tha mis\u2019 a\u2019 falbh,\" ars am mac miadhonach gus am faigh mi eirig mo bhrathar a thogail.\" Chaidh e air muin eich \u2019s lean a ch\u00f9 e \u2019s thug am bodach dha cn\u00e0imh \u2019s dh\u2019fhas an cn\u00e0mh \u2019na chlaidheamh chinn-\u00f2ir \u2019na laimh. \"Tha ionnsachadh is f\u00f2ghlum agam-sa a nis,\" ars esan is dh\u2019fhalbh e. Gum bu cham gach rathad \u2019s gum bu reidh gach slighe gus an d\u2019thainig e lom d\u00ecreach gu tigh a\u2019 mhucair. Cha do chruthaicheadh na bu choltaiche r\u2019a cheile na e fhein is a bhrathair.\n\"De thug dhuit fuireachd an raoir o aobhar do mhnatha agus do leannain?\" Chuireadh suas gu tigh an r\u00ecgh e. Ghabh ise \u2019na choinneamh agus \u2019na chomhdhail \u2019s d\u00f9il aice gur h-e a fear a bh\u2019ann. Cha robh fios aige air an t-saoghal de mar a gheibheadh e fantail gun dol a leaba \u2019bhrathar an oidhche sin. Se thuirt e rithe gun robh geall m\u00f3r eadar e fh\u00ecn agus duin\u2019 uasal \u2019s nach b\u2019urrainn e dol a laighe, ach gun caidleadh e air a bhord aig bial na leapa. Rinn e siud. Thug e s\u00f9il uaidh anns a mhaduinn \u2019s de chunnaic e ach an caisteal. \"De\u2019n caisteal a tha\u2019n siud?\" ars e rithe-sa. \"Nach\nd\u2019innis mi sin duit an oidhche roimhid?\" ars ise. Dh\u2019eirich 1 e \u2019s chaidh e mach. Thug e leis \u2019each \u2019s a ch\u00f9 \u2019s ghabh e null \u2019ionnsuidh a chaisteil. Chaidh e stigh \u2019s rinn is\u2019 air mar a rinn i air a bhrathair.\nSheall am bodach a mach \u2019s bha\u2019n duilleach air tuiteam bharr an darna craobh. 2 \"\u2019S fhior sin,\" ars am mac \u00f2g, \"cha bhe\u00f2 mo bhrathair. Bidh mise a\u2019 falbh a thogail \u2019eirig.\"\nThug e leis \u2019each \u2019s a ch\u00f9. Thug \u2019athair cn\u00e0imh dha \u2019na laimh. Dh\u2019fh\u00e0s an cnaimh \u2019na chlaidheamh chinn-\u00f2ir \u2019na dh\u00f2rn.\n\"Taing dhuit-s\u2019, a righ nan ceud \u2019s nan cumhachd: tha gach ionnsachadh is f\u00f2ghlum agam-sa a nis.\"\nGhabh e air falbh. Gum bu 3 cham gach slighe \u2019s gum bu reidh gach rathad da gus an d\u2019 r\u00e0inig e p\u00e0ileas righ na Gr\u00e9ige. Chunnaic ise mach thromh na h-uinneagan e \u2019s ghabh i mach \u2019na choinneamh agus \u2019na chomhdhail. Thug i leatha dhachaidh e. \"Bha na le\u00f2ir duit fuireachd a chiad oidhche gun fuireachd an raoir,\" ars ise, \u2019s i a\u2019 saoilsinn gur h-e a fear a bh\u2019ann.\n\"\u2019S iomadh duine a bhios gnothuch aige ri uaislean air chor \u2019s nach bi fios aca c\u2019uin a thig iad,\" ars esan. Chaidh iad a laighe \u2019s chuir esan claidheamh fuar eatorra. Anns a\u2019 mhaduinn an l\u00e0\u2019r na mhaireach thug esan s\u00f9il uaidh, \u2019s chunnaic e caisteal mar a chunnaic c\u00e0ch. Dh\u2019fhoighnic e\nde\u2019n caisteal a bha\u2019n siud. \"Nach d\u2019innis mi sin duit an raoir \u2019s an oidhche roimh sin?\" ars ise. Dh\u2019eirich e \u2019s thug e leis \u2019each \u2019s a ch\u00f9 \u2019s ghabh e null thun a chaisteil. Chaidh e stigh \u2019s chunnaic e boirionnach an sin a\u2019 c\u00ecorradh a cinn.\n\"Thig a nios, \u2019fheudail, a mhic athar mo ghaoil agus m\u00e0thar mo ghr\u00e0idh,\u2019s gun innseadh tu naigheachd domh, \u2019s gun innsinn naigheachd duit,\" ars ise. Cha robh amharus math sam bith aig oirre. 1 Thug e\u2019n leum sin a suas \u2019s leag e i \u2019s chuir e\u2019n claidheamh air an amhuich aice.\n\"Am b\u00e0s as do chionn! De t\u2019\u00e9irig?\" ars esan. \"Is m\u00f3r sin,\" ars 2 ise. \"Drong \u00f2ir agus drong airgid.\" \"Is leam sin agus do bh\u00e0s,\" ars esan. Thug e\u2019n ceann di. Thug e uaithe na h-iuchraichean \u2019s dh\u2019fhiach e\u2019n tigh. Fhuair e aon se\u00f2mbar l\u00e0n \u00f2ir is airgid. Fhuair e se\u00f2mbar l\u00e0n aodaichean dhaoin\u2019uaisle. Fhuair e se\u00f2mbar l\u00e0n dh\u00ecollaidean agus strianan. Fhuair e se\u00f2mbar l\u00e0n bhr\u00f2gan agus bh\u00f2tainnean. Fhuair e se\u00f2mbar l\u00e0n dhaoin air an tionndadh \u2019nan carraghnan creige. Rug e air ballan an ath-bheothachaidh \u2019s th\u00f2isich e air a dh\u00f2rtadh orra gus an d\u2019thug e be\u00f2 iad. Bha a bhr\u00e0ithrean fh\u00ecn \u2019nam miosg. Thug e \u2019aodach \u2019s a chuid fh\u00ecn do na h-uile duine bha\u2019n sin agus d\u00f2rlach \u00f2ir is airgid. Chaidh e fh\u00ecn \u2019s a bhr\u00e0ithrean a suas gus a\u2019 ph\u00e0ileas.\n\"Is ann agad,\" ars esan r\u2019a bhr\u00e0thair, \"a tha\u2019n aon bhoireannach is fhearr air an do shil uisg\u2019 athar riamh.\n\"D\u00e9 mar tha thu-sa \u2019ga aithneachadh sin?\" ars a bhr\u00e0thair.\n\"Is ann comhla rithe bha mi fh\u00ecn an raoir,\" ars esan. Bhuail an t-eud a bhr\u00e0thair agus tionndar ris agus tilgear an ceann deth leis a chlaidheamh.\nSheall am bodach a mach agus bha a\u2019 chraobh aig an fhear \u00f2g air tuiteam \u2019s bha\u2019n d\u00e0 chraobh eile \u2019nan seasamh.\n\"Is fhior e,\" ars esan. \"Tha mo mhac as \u00f2ige marbh, \u2019s tha\u2019n dithisd eile be\u00f2 \u2019rithisd.\"\nBha\u2019n d\u00e0 bhr\u00e0thair an oidhche sin am p\u00e0ileas an r\u00ecgh. An la\u2019r na mh\u00e0ireach dh\u2019fhalbh iad \u2019nan dithisd ann an coach. R\u00e0inig iad tigh an athar. Thug iad le\u00f2 e, e-fh\u00ecn \u2019s am mathair gu p\u00e0ileas righ na Gr\u00e9ige. An la\u2019r na mh\u00e0ireach chuir iad iad an caisteal daibh fh\u00ecn. Bha\u2019n r\u00ecoghachd aig a\u2019 bhr\u00e0thair bu shine agus nighean an righ aige p\u00f2sda.\n155:1 1 Reciter: Alasdair Mac Neill, Ceanntangaval, Barra; Alasdair Mac Ruairidh Bh\u00e0in. A very complete version with several new incidents not in printed version of the Mermaid.\n155:2 MS. urs.\n156:1 MS. leom-sa.\n156:2 So MS.\n157:1 MS. bo.\n158:1 MS. gon.\n160:1 = ghabh.\n161:1 MS. bo.\n161:2 MS. dianadh.\n161:3 So MS.\n162:1 Mockery. Phrase: dh\u2019fh\u00e0g e ballachd air = he left a mark on him.\n163:1 Barra dialect.\n163:2 Barra dialect for mairg.\n164:1 For mairg.\n165:1 Beneath the drippings from the black (sooty) rafters and the resin of the (pine) candles.\n166:1 Was not invited.\n166:2 MS. Thalla.\n167:1 MS. (dialectal).\n168:1 MS. dh'\u00e9iridh\n170:1 MS. dh\u2019\u00e9iridh.\n170:2 Usually craobh is feminine.\n170:3 MS. gom bo.\n171:1 MS. urra.\n171:2 MS. urs.","title":"The Celtic Dragon Myth: Gaelic: An t-Iasgair (The Three W...","type":"page"}
